Songtexte.com Drucklogo

Co-Thràth Songtext
von Tide Lines

Co-Thràth Songtext

Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh′
Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
Gu dùthaich a′ mhachair, gun riasladh neo strì
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'

Camhanaich ′g èiridh mar bhàrr air an loch
A′ goil le chuid èisg, a-nochd bhios 's a phoit
Na m′ bhalach 's a chidsin tro ghàire is toit
′S ann dluth ris a chianalas a tha mi a-nochd

Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
Gun àite fo shealladh sam b′ fheàrr leinn a bhith
Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh′

Le teaghlach mòr farsaing: am machair ′s a bheinn
O thig an droch thìde le tàirneanaich 's tuinn
Ach thig sinn ri chèile le òran ri sheinn


Mo ghaol tha e diongalta ′s chì mi am feart
Bheir turas dhomh slànachadh dealbh dhomh neart
A' deilbh nan sreangan ′s a' taghadh nan càird
A′ fighe ann an dathan le beartas nan beairte

Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
Gu dùthaich a′ mhachair, gun riasladh neo strì
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh′
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh′
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh′

Dlùth ris an fhearann seo dìleas gu bràth
Ach chunnaic i ginealaich a' dìreadh ′s a dh' fhàg
Nuair thig m' àm ′son fàgail ′s mi 'n dòchas nach tràth
Bidh rionnag a tuath deàrrsadh na mo cho-thràth


Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh′
Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
Gu dùthaich a′ mhachair, gun riasladh neo strì
Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh′
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
Ar cridhe, cridhe
Ar cridhe gu dachaigh ar cridh′

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Quiz
Cro nimmt es meistens ...?

Fans

»Co-Thràth« gefällt bisher niemandem.