Songtexte.com Drucklogo

Canan Nan Gaidheal Songtext
von Tide Lines

Canan Nan Gaidheal Songtext

Cha b′ e sneachda 's reothadh bho Thuath
Cha b′ e crannadh geur fuar bho 'n Ear
Cha b' e uisge ′s gaillean bho ′n Iar
Ach an galar a bhlian bho 'n Dheas
Blàth, duilleach, stoc agus freumh
Cànan mo threubh ′s mo shluaigh

Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl′ rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nan Gàidheal

Bheir a-nuas dhuinn na coinnleirean òr
'S ann caraibh na coinnleirean geal cèir
Lasaibh suas iad an seòmar a′ bhròin
Taigh aire seann chànan a' Ghàidheil
'S e siud o chionn fhad′ thuirt an nàmh
Ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal


Thig thugainn, thig còmhl′ rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn, sinn an cànan nan Gàidheal

Ged theich i le beath às na ghlinn
Ged sgàl an-diugh cluinnt nas moth′
O dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bò
Gidheadh an eilean an Iar
'Si fhathast ann ciad chàinnt an t′slòigh

Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl′ rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an Cànan nan Gàidheal

Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig còmhl' rium gu Siar
Gus an cluinn sinn an cànan nan Gàidheal

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Quiz
Welcher Song ist nicht von Robbie Williams?

Fans

»Canan Nan Gaidheal« gefällt bisher niemandem.