Songtexte.com Drucklogo

Mo Nighean Donn as Bòidhche Songtext
von Mary Jane Lamond

Mo Nighean Donn as Bòidhche Songtext

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

An oidhche bha mis′ air chuan
Shil 'is shéid i, dh′fhàs i fuar
Dhòmhsa b' fheudar bhi dhol suas
Mo thruaighe 's gun mi eòlach

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Thuirt e rium a dhol dhan chrann
Thuirt mi fhéin nach d′ rachainn ann
Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann
Gur siod a gheall thu dhòmhsa"


Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Chaidh mise an sin suas
Rinn mi′ n "topsail" chur mun cuairt
Thuirt e rium nuair thàin' mi nuas
Nach robh e uamhaidh-bòdhach

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

"Mur a bheil," thuirt mi fhéin
"Seo fear nach seall ′n a déidh
Ged a rachadh e dhan speur
'N a riobanan ′s 'n a ròpan"


Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Théid mi sìos gu ceann Loch Mhèinn
Far bheil d′ athair 'gabhail tàimh
Gus an faigh mi thu air làimh
Gu bràth cha dèan sinn pòsadh

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Théid mi sìos gu àit' an t-sagairt
′S théid ar n-éigheach aig an àltar
′S mur tig sian sam bith 's an rathad
Thig sinn dhachaidh pòsda

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Hao ro ri o, rathail o
Rathail o, rathail o
Hao ro ri o, rathail o
Mo nighean donn as bòidhche

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mary Jane Lamond

Fans

»Mo Nighean Donn as Bòidhche« gefällt bisher niemandem.