Songtexte.com Drucklogo

Crodh Air A' Bhruaich Songtext
von Mary Jane Lamond

Crodh Air A' Bhruaich Songtext

Tha crodh air a′ bhruaich
Air a' bhail againn fhìn
A bh′ ann ri linn mo sheanair
Dubh, donn, agus rìbhinn
Toradh na talmhainn
Agus saothair chlann daoin
Ag àiteach an fhearainn
Obair gaisgich nach staoin

Tha crodh air a' bhruaich
Air a' bhail againn fhìn
A bh′ ann ri linn mo sheanair
Dubh, donn, agus rìbhinn
Toradh na talmhainn
Agus saothair chlann daoin
Ag àiteach an fhearainn
Obair gaisgich nach staoin


Tha na pàircean air an lìonadh
Le gach luibh agus buis
Far an robh coirce ′s arbhar
Gheobhar drisean 's spruis
Mar a thriallas na daoine
Thig a′ choille 'nan déigh
Ach fhathast air a′ bhail seo
Gheobhar eich agus spréidh

Tha na pàircean air an lìonadh
Le gach luibh agus buis
Far an robh coirce 's arbhar
Gheobhar drisean ′s spruis
Mar a thriallas na daoine
Thig a' choille 'nan déigh
Ach fhathast air a′ bhail seo
Gheobhar eich agus spréidh

′S iomadh fear thug a West air
Shireadh cliù agus maoin
Nach d'fhuair e làn dùil
Ged a dh′fhàg e chuid dhaoin
A bhios fuireach am feasd' ann
Le a chridhe goirt, tinn
Ach tha crodh air a′ bhruaich
Air a' bhail againn fhìn


′S iomadh fear thug a West air
Shireadh cliù agus maoin
Nach d'fhuair e làn dùil
Ged a dh'fhàg e chuid dhaoin
A bhios fuireach am feasd′ ann
Le a chridhe goirt, tinn
Ach tha crodh air a′ bhruaich
Air a' bhail againn fhìn

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Mary Jane Lamond

Quiz
Wer besingt den „Summer of '69“?

Fans

»Crodh Air A' Bhruaich« gefällt bisher niemandem.