Songtexte.com Drucklogo

Màili Dhonn Songtext
von Skipinnish

Màili Dhonn Songtext

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh′èireadh m'inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Gura mise tha gu tinn
Cùl mo chinn air na leacan
Bha mi roimhe rotach, garbh
Air an fhairge ga marcachd

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh'èireadh m'inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Gura mise tha gun spèird
Ann Dùn Èideann ′s an Sasann
Bha mi rèidh am measg nan seòid
Cluich an òir air na cairtean


Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh'èireadh m′inntinn air d' fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Chaidh sinn timcheall Rudha Lìte
′S iomadh gunna caol a' lasadh
Leig mo Mhàili siud ma cluais
Ghabh i ′n cuan; 's ann bha fasan

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh'èireadh m′inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Thog i h-acarsaid an Èirinn
Leig i brèid ann an Sasann
Bhuail i sròn air tìr an Lìte
'S leig i cridhe ann an Glaschu

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh′èireadh m'inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn


'S ann an t-seachdain chun an-dè
Thog mi brèid ann an Sasann
′S ann a shamhlaich mi do cheum
Ri laoigh fèidh 's e aig astar

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh'èireadh m′inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Bha i siùbhlach gun mheang
Eadar chruinn agus chnagan
Darach nach teirig a chaoidh
Eadar druim agus plang

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh'èireadh m′inntinn air d' fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Nuair a thèid mi chun na fèill′
'S e do bhrèid a thig dhachaigh
Tops′l ùr ga dhèanamh dlùth
Ged chosgadh e crùn an t-slat dhomh

Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh'èireadh m'inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn
Dh′èireadh m'inntinn air d′ fhaicinn
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Quiz
Whitney Houston sang „I Will Always Love ...“?

Fans

»Màili Dhonn« gefällt bisher niemandem.