Songtexte.com Drucklogo

Adelaide Songtext
von Sian

Adelaide Songtext

Thàinig naidheachd Là na Sàbaid
Hoireann ùbhill i ò
Ag iarraidh oirre dhol thar sàile
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Bliadhnaichean bho dh′fhàg e 'm baile
Hoireann ùbhill i ò
′S e nise deiseil bean a ghabhail
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Trì cheud air a ceann mar tochair
Hoireann ùbhill i ò
Dh'fhàg i a dh'ionnsaigh beatha shocair
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò


Ach air dhi Adelaide a ruighinn
Hoireann ùbhill i ò
′S gann gun d′ dh'aithnich i a luran
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

"Thig cuide riumsa nis gun mhaille
Hoireann ùbhill i ò
Mus tig an tuil gun fhios, gun aire."
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

′S air a' chapall ghabh iad astar
Hoireann ùbhill i ò
Gus an d′ ruig iad drochaid fhada
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Beul na h-oidhche nis a' teannadh
Hoireann ùbhill i ò
An uair a dh′fhàs a shùilean carach
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò


Ruig e oirr' mar eilid mharbh
Hoireann ùbhill i ò
'S shad e i don uisge gharbh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

"Nach tu bha faoin, nach tu bha gòrach
Hoireann ùbhill i ò
A′ toirt do làimh do dhuine coimheach"
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Gùn na sràcan ′s air a lathadh
Hoireann ùbhill i ò
Dh'fhalaich i an uamh bheag fhalamh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Chuir i ceann ri cluasag charrach
Hoireann ùbhill i ò
Gus an cuala i guthan magach
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Dh′fhuirich i na tàmh san uaimh
Hoireann ùbhill i ò
Gus an tug an daorach buaidh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Thog i ultach òir na basan
Hoireann ùbhill i ò
Is thug i leatha luaths a casan
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Nach e bha faoin, nach e bha gòrach
Hoireann ùbhill i ò
'S e a-nis gu h-àrd air crann a′ crochadh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò

Songtext kommentieren

Log dich ein um einen Eintrag zu schreiben.
Schreibe den ersten Kommentar!

Beliebte Songtexte
von Sian

Quiz
Welcher Song ist nicht von Britney Spears?

Fans

»Adelaide« gefällt bisher niemandem.