Maraiche Songtext
von Niteworks
Maraiche Songtext
O, ′s mairg tha 'n diugh feadh garbhlaich
′s ri falbhan am measg fraoich
us gathan grèin gu h-òrbhuidh
a' dòrtadh air gach taobh
gum b'fheàrr a bhi air bàrr nan tonn
air long nan cranna caol
′s a′ faicinn nan seòl ùra
ri sùgradh anns a' ghaoith
O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam
do chòmhradh anns an uair
an fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh
ri gleanntan glas a′ chuain
's gur tric a′s adhbhar caoinidh leam
a h-aon dhan d' thug mi luaidh
bhi às mo shealladh fad air falbh
air bharraibh garbh nan stuadh
A rìbhinn òig dhan d′ thug mi gaol
b' e bhith ri d' thaobh mo mhiann
bhon chiad là riamh thug mi dhut spèis
bu tu mo reul ′s mo ghrian
ach taobh ri taobh, a luaidh ri d′ ghaol
tha m' aigne ′g aomadh riamh
gu marcachd nan tonn dùbhghorm
a dh'aindeoin dùdlachd shian
O, òigeir ùir, nach èisd thu rium
ged ′s mòr do spèis don chuan
cha mhair an òige daonnan
's ′n uair thig an aois le gruaim
gur bochd an obair seann-duine
bhi mach fo ghreann nan stuagh
fo chathadh geal nam bòc-thonna
tro 'n oidhche reòdhta fhuair
O, ainnir dhonn, na sil do dheòir
mu bhròn nach tig a chaoidh
tha 'n Tì a′ riaghladh air a′ chuan
tha riaghladh cluaintean fraoich
is ged, a luaidh, a thriallas mi
gu oirean cian an t-saoghail
le thoil-san thig mi sàbhailte
gu broilleach blàth mo ghaoil
′s ri falbhan am measg fraoich
us gathan grèin gu h-òrbhuidh
a' dòrtadh air gach taobh
gum b'fheàrr a bhi air bàrr nan tonn
air long nan cranna caol
′s a′ faicinn nan seòl ùra
ri sùgradh anns a' ghaoith
O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam
do chòmhradh anns an uair
an fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh
ri gleanntan glas a′ chuain
's gur tric a′s adhbhar caoinidh leam
a h-aon dhan d' thug mi luaidh
bhi às mo shealladh fad air falbh
air bharraibh garbh nan stuadh
A rìbhinn òig dhan d′ thug mi gaol
b' e bhith ri d' thaobh mo mhiann
bhon chiad là riamh thug mi dhut spèis
bu tu mo reul ′s mo ghrian
ach taobh ri taobh, a luaidh ri d′ ghaol
tha m' aigne ′g aomadh riamh
gu marcachd nan tonn dùbhghorm
a dh'aindeoin dùdlachd shian
O, òigeir ùir, nach èisd thu rium
ged ′s mòr do spèis don chuan
cha mhair an òige daonnan
's ′n uair thig an aois le gruaim
gur bochd an obair seann-duine
bhi mach fo ghreann nan stuagh
fo chathadh geal nam bòc-thonna
tro 'n oidhche reòdhta fhuair
O, ainnir dhonn, na sil do dheòir
mu bhròn nach tig a chaoidh
tha 'n Tì a′ riaghladh air a′ chuan
tha riaghladh cluaintean fraoich
is ged, a luaidh, a thriallas mi
gu oirean cian an t-saoghail
le thoil-san thig mi sàbhailte
gu broilleach blàth mo ghaoil
Lyrics powered by www.musixmatch.com
